Tha gaol agad air an fhòn agad. ’S tha aig a’ PC agad. Faigh greim air gach rud as prìseil leat air an fhòn agad an-seo air a’ PC agad.
Ceangail am fòn Android agad ris a’ PC agad a choimhead air is a chur SMS agus airson gairmean* fhaighinn is a dhèanamh, na brathan agad fhaicinn is mòran a bharrachd.
Na cuir dealbhan thugad fhèin air a’ phost-d tuilleadh ’s tu a’ gluasad dealbhan calg-dhìreach eadar am fòn agad agus am PC. Dèan lethbhreacan, deasaich is slaod is leig às dealbhan gun am fòn agad a thogail.
Gheibh thu greim air na h-aplacaidean mobile as fheàrr leat air a’ PC agad air fònaichean Microsoft Duo, Samsung agus HONOR àraidh**.Cùm a’ dol le d’ obair gun chnap-starra sam bith le slaodadh is a leigeil às uèirleas eadar am fòn agad agus am PC (agus a chaochladh).
Leig fios dhuinn dè na gleusan a bu toil leat faicinn an ath-thuras le bhith a’ taghadh “Beachd thugainn” ann an roghainnean na h-aplacaid “Ceangal ris an fhòn”.
Airson ’s gum bi an aon àrainneachd agad air feadh uidheaman, feumaidh tu am fòn Android agad (a’ ruith Android 7 no tionndadh nas ùire) ceangal ris a’ PC agad leis an aplacaid “Ceangal ris an fhòn”.
*Feumaidh gairmean PC Windows 10 le comas Bluetooth.
**Feumaidh slaodadh is leigeil às, sgrìn an fhòn agus na h-aplacaidean uidheam Android co-chòrdail (aka.ms/phonelinkdevices). Feumaidh àrainneachd nan ioma-aplacaid PC le Windows 10 air a bheil ùrachadh a’ Chèitein 2020 no tionndadh nas ùire agus aig a bheil co-dhiù 8GB de RAM agus feumaidh Android 11.0 a bhith air an uidheam Android.