Cruthaich videothan ann am briogadh no dhà le Clipchamp, an deasaiche video sìmplidh le Microsoft. Tha an cruthaiche video seo math airson daoine gun ro-eòlas cuideachd, le eadar-aghaidh “slaod is leig às” ach tha gleus deasachadh video adhartach ann cuideachd airson videothan a ghearradh, a bhearradh is ath-mheudachadh, sgrìn is camarathan-lìn a chlàradh, sgrìnichean uaine a dheasachadh is fiù airson tar-ghuthadh le AI. Cruthaich videothan a ghlacas aire airson nam meadhanan sòisealta, videothan iomairt reicean, treòirean pongail is mòran a bharrachd le Clipchamp.
Gleusan deasachaidh furasta:
Bheir Clipchamp, an deasaiche video air loidhne, dhut gleusan deasachaidh riatanach. Gearradh, bearradh, cuairteachadh, sgoltadh, cruthachadh GIF, sùmadh a-steach is a-mach, luathachadh no slaodachadh agus cur ris no toirt air falbh fuaim, criathragan is tar-mhùthaidhean. A bharrachd air sin, cuidichidh gleusan tapaidh thu le togail nam videothan agad – gun fheum air eòlas.
Thoir gleans air deasachadh nam videothan agad leis na gleusan ann an Clipchamp aig a bheil cumhachd AI:
- Dèan videothan goirid a ghlacas aire gun spàirn leis a’ chruthachadh fhèin-obrachail.
- Fidir an gleus teacsa-na-chainnt againn a tha a’ tairgsinn 170 guthan AI airson tar-ghuthan fìor-nàdarra. Tagh o iomadh dòigh-labhairt le iomadh blas agus 70 cànan.
- Fidir am mothachadh tapaidh do ghuthan airson fèin-chaipseanan, a’ gintinn caipseanan gu luath is tar-sgrìobhainnean a ghabhas luchdadh a-nuas ann an 140 cànan.
Clàraich an fhuaim, an camara ’s an sgrìn agad:
Clàraich sgrìn gun duilgheadas, deasaich iad is bidh videothan treòrachaidh, taisbeanaidhean is fiù videothan freagairt agad. Cuir ri soilleireachd, coltas seann-eòlaiche is so-ruigsinneachd nam videothan agad is tu a’ cur clàradh do thar-ghuth fhèin riutha.
Videothan is fuaimean stoca a ghlacas aire:
Dèan lorg san leabhar-lann againn de chruinneachaidhean stoca, cuspair air chuspair, a chuir sinn ri chèile dhut airson ’s gum faigh thusa videothan le càileachd àrd, cùlaibhean beòthaichte, steigearan, nòtachaidhean, ceòl is èifeachdan fuaime a choileanas na chruthaich thu. Tagh o mhilleanan de shàr-roghainnean stoca saor o dhligheachdan a rùrachadh leabharlann na susbaint againn a tha furasta cleachdadh.
Teamplaidean a tha iomchaidh do luchd-tòiseachaidh, air an dealbhadh le dealbhaichean:
Cruthaich videothan proifeiseanta ann am mionaidean leis na teamplaidean video an-asgaidh. Gnàthaich an teamplaid a thagh thu le videothan, teacsa, branndadh is ceòl sa chùlaibh. Eadar geamaireachd YouTube is reicean, caomhainn àm le teamplaidean video a ghabhas deasachadh ge be dè an gnìomhachas.
Sàbhail is co-roinn video aig càileachd àrd sna h-aplacaidean as fheàrr leat:
Sàbhail videothan air a’ choimpiutair agad aig dùmhlachd-bhreacaidh 480p, 720p no 1080p. Foillsich iad calg-dhìreach air YouTube, LinkedIn, TikTok agus OneDrive. Ma tha stòras coimpiutair gann agad, ’s urrainn dhut fiù na videothan a shàbhaladh le roghainnean lethbhreac-glèidhidh tèarainte na susbaint.
Innealan sònraichte do luchd-chruthachaidh:
- Cruthaich ro-ràdhan YouTube, videothan bàrr-phuingean geamaireachd, cuiridhean video, videothan collage agus cleachd Clipchamp fiù airson pod-chraolaidhean video a chruthachadh.
- Faigh cothrom air cliopaichean Xbox gu dìreach gun fheum air tar-chur fhaidhlichean le amalachadh ion-phortadh Xbox ùr.
- Deasaiche video airson sgrìnichean uaine: Cuir iongnadh air an luchd-choimhid agad is tu a’ cur cùlaibhean eile an sàs. Cleachd èifeachdan chroma airson rud eile a chur an àite cuid dhen video is cuir tar-chòmhdachadh ris.
- Cruthaiche mhìmean: Cruthaich is co-roinn videothan lùbach is GIFs aighearach.
Innealan sònraichte do ghnìomhachas:
- Acainn brannd: Luchdaich suas suaicheantas a’ bhrannd agad, cruth-clò gnàthaichte, dathan is comharra-uisge is cuir iad ri video sam bith leis an acainn brannd againn.
- Deasaich videothan corporra: Seachain puist-d fhada is dèan videothan leis a’ chlàradair a chlàraicheas camara-lìn no thoir lìomhadh air clàraidhean de na coinneamhan agad gun duilgheadas.
Nì thu deasachadh nas luaithe leis na h-ath-ghoiridean iomfhiosach:
- Dèan video cruth-tìre no portraid, video ceàrnagach, sòisealta, inghearach, no air nòs film dheth le aon bhriogadh
- Thoir air falbh beàrnan nach eil thu ag iarraidh eadar iomadh clip video airson ’s gun ruith e gun chnap-starra
- Co-òrdanaich breathan a’ video agad agus deasaich na buidhnean videothan agad gun duilgheadas
- Cothrom air deasachadh so-ruigsinneach le ath-ghoiridean a’ mheur-chlàir
Plana fo-sgrìobhaidh:
Clipchamp Premium (Gabhaidh am plana premium a-staigh às-phortadh gun chomharra-uisge is le dùmhlachd-bhreacaidh suas ri 1080p, cothrom air leabhar-lann stoca premium de videothan, fuaimean is dealbhan, cothrom air criathragan premium, èifeachdan, an acainn brannd agus lethbhreacan-glèidhidh na susbainte.)
Cuir thugainn do bheachdan is innis dhuinn ma tha gleus a dhìth ort:
Thoir rangachadh is lèirmheas dhuinn ann am bùth nan aplacaidean airson ’s gum faic càch e.