Tèarainteachd air loidhne nas fhasa dhut-sa agus dha do theaghlach. Dìonaidh aplacaid Microsoft Defender do theaghlach o chunnartan air loidhne air feadh nan uidheaman agad. Chan eil aplacaid Microsoft Defender ri fhaighinn ach ma bhios fo-sgrìobhadh Microsoft 365 Personal no Family agad.
Air a’ PC agad, obraichidh an dìonadair Microsoft leis an tèarainteachd Windows na bhroinn airson dìon a bharrachd a sholar dha na h-uidheaman Android, iOS is Mac agad. Leis an aplacaid air feadh nan uidheaman, ’s urrainn dhut staid do thèarainteachd fhèin is do theaghlaich a stiùireadh is sùil a chumail oirre ann an deas-bhòrd a tha furasta cleachdadh. Cùm nas sàbhailte le brathan fìor-ama, gliocasan tèarainteachd is stiùireadh eòlach a bheir molaidhean dhut a tha furasta leantainn. Airson tòiseachadh, luchdaich a-nuas an aplacaid is clàraich a-steach leis a’ chunntas Microsoft agad. Feumaidh tu fo-sgrìobhadh air Microsoft 365 Personal no Family airson an dìonadair a ghnìomhachadh air na h-uidheaman agad.
Tha aplacaid dìonadair Microsoft ri fhaighinn airson na h-uidheaman Android, iOS is Mac agad cuideachd. San aplacaid, ’s urrainn dhut cuireadh a chur airson dìonadair Microsoft a luchdadh a-nuas air na h-uidheaman eile agad. Gheibh thu grèim air an deas-bhòrd ann am brabhsair-lìn cuideachd nuair a bhios tu air an rathad.