’S e aplacaid Microsoft 365 an dachaigh ùr aig na h-aplacaidean tarbhachd is aig an t-susbaint as fheàrr leat a-nis. Le dòighean ùra airson susbaint a lorg, a chruthachadh, a shàbhaladh is a cho-roinneadh a-nis, san aon àite. Clàraich a-steach leis a’ chunntas obrach no sgoile agad no le cunntas Microsoft pearsanta agus gheibh thu cothrom air an aplacaid desktop an-asgaidh an-diugh fhèin.
Cleachd aplacaid Microsoft 365 airson:
• Cuir fòcas air na saothraichean agad is grad-fhaigh cothrom air sgrìobhainnean a cho-roinn daoine leat no a chaidh a dheasachadh o chionn goirid air an sgrìn dachaigh.
• Cruthaich susbaint bhòidheach airson pròiseact no tachartas sam bith leis na teamplaidean a gheibh thu an-asgaidh air feadh aplacaidean mar Word, Excel, PowerPoint, Clipchamp is mòran a bharrachd.
• Faigh lorg air na faidhlichean agad is sàbhail iad gu tèarainte air OneDrive agus 5GB de stòras an-asgaidh agad san neul le lethbhreacan-glèidhidh fèin-obrachail dhen t-susbaint agad air feadh nan uidheaman agad.
• Faigh cothrom air na h-aplacaidean Microsoft 365 as fheàrr leat san aon àite, a’ gabhail a-staigh Microsoft Teams, Word, Excel, PowerPoint, Outlook, OneDrive, OneNote, Visio agus mòran a bharrachd.