Bheir dealbhan Microsoft comas dhut barrachd a dhèanamh leis na dealbhan is videothan agad ann an àrainneachd beartach. Tha aplacaid nan dealbhan a chaidh a dhealbhadh as ùr iomfhiosach, sgiamhach is obraichidh e gun chnap-starra am broinn Windows. Seall ’s cuir rian air dealbhan is co-roinn iad on PC, OneDrive, dealbhan iCloud (air Windows 11 a-mhàin) no uidheaman eile agad on aon ghailearaidh àlainn luath. Tha coimhead air na dealbhan is videothan agad nas fheàrr na bha e a-riamh le dealbhan Microsoft airson Windows. Leis an t-sealladair againn, thèid do thàladh gu àrainneachd seallaidh is deasachaidh làn-tumaidh.